Cluj-Napoca
Cluj-Napoca Kolozsvár Klausenburg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Cluj | ||||
Co-chomharran | 46° 21 34' Tuath 25° 48 06' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 179.5 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 324,576 (2015) | ||||
Dlùths | 1,808.22/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 64 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr eadar Oradea agus Târgu Mureș, ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann an Cluj-Napoca (IPA: ˈkluʒ naˈpoka, Ungairis: Kolozsvár, IPA: ˈkoloʒvaːr, Gearmailtis: Klausenburg). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Someșul Mic, aig 340m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Cluj. Tha 324.576 duine a' fuireach ann.[1]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann às an fhacal clusa (Gàidhlig: mòr-chlais) ann an Laideann 's a tha ainm a' bhaile.[2] Chanadh Napoca ris aig àm Impireachd na Ròimhe o chionn's gu robh treubh Daci air an robh na Napaei nan tàmh san sgìre. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1213 mar Clus. Nuair a dh' iarr Rìgh na h-Ungair air na Sagsannaich gun gabhadh iad còmhnaidh ann an Transsilvania anns na meadhannan aoisean, stèidhich iad seachd bailtean daingnichte, Cluj-Napoca nam measg. 'S e an adhbhar a chanar Siebenbürgen (Gàidhlig: seachd caistealan) ri Transsilvania ann an Gearmailtis.[3] Buinneadh Cluj-Napoca dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1541 gu ruige 1699 a bh' ann.[4] B' e prìomh-bhaile na Groß Fürstentum Siebenbürgen bho 1790 gu 1848 agus an uaire sin bho 1861 gu 1867 cuideachd. Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922 nuair a ghabh Romàinia os làimh e. Chruthaich A' Ghearmailt Nàsach Ghetto Iùdhach an an Cluj-Napoca mar phàirt an Uile-losgaidh. Shaoraich feachdan Romàinia agus An t-Aonadh Sobhiatach am baile air 11 an Dàmhair 1944.
Àireamh-shluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]À rèir Cunntas-shluaigh 2015 tha mòr-chuid Romàinianaich (81.5%) agus mion-chuid Ungairianaich (16.4%) a' fuireach ann an Cluj-Napoca.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Mata Corvinus (1443 - 1490)
- Miklós Bánffy (1873 - 1950)
- Ádám Bodor (1968)
- László Tőkés (1952)
Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Beersheva
- Braga
- Chacao
- Columbia
- Dijon
- Dortmund
- East Lansing
- Eskişehir
- Karaganda
- Köln
- Korçë
- Makati
- Namur
- Nantes
- Ningbo
- Parma
- Pécs
- Rockford
- Rotherham
- São Paulo
- Suwon
- Ungheni
- Valdivia
- Viterbo
- Zagreb
- Zhengzhou
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Institutul Național de Statistică
- ↑ Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
- ↑ Harald Roth: Kleine Geschichte Siebenbürgens. Böhlau, Köhln/Weimar/Vienna, 2003.
- ↑ Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung, Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde Heidelberg, 2002.